Water treatment at Gairloch Sewage Treatment Works

date03 March 2018

“Every day SEPA works to protect and enhance Scotland’s environment, including Loch Gairloch.

Since May 2016, SEPA has been scrutinising a proposal by Scottish Water for water treatment at Gairloch Sewage Treatment Works. SEPA experts in water quality have assessed the impact of the proposed treatment system and are satisfied that an appropriate level of protection is in place for the designated bathing waters and wildlife habitats.

There will be no deterioration in the 'good' status of Loch Gairloch as a result of the Scottish Water proposals, with enhanced treatment during bathing waters season (June to September) protecting the ‘excellent’ status of the bathing waters at Sand Beach and Gairloch Beach.  Any suggestion that sewage will be untreated is inaccurate.

Maintaining this enhanced level of treatment for a full 12 months would result in other impacts such as increased use of energy and materials, and would not be consistent with standards applied at other comparable locations across Scotland.

As part of the application for the licence variation SEPA carefully considered a number of written representations. Those who made representations have been provided with details of the proposal to grant the application and have the opportunity to make final representations to Scottish Ministers.”

 

“A h-uile latha, tha SEPA ag obair gus àrainneachd na h-Alba a dhìon agus a leasachadh, agus tha seo a’ gabhail a-steach Loch Geàrrloch.

Bho chionn Cèitean 2016, tha SEPA air a bhith a’ sgrùdadh moladh bho Uisge na h-Alba airson giullachd uisge aig na h-obraichean giullachd òtrachais aig Geàrrloch. Tha eòlaichean ann an càileachd uisge bho SEPA air measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a thigeadh bhon t-siostam giullachd a thathar a’ moladh, agus tha iad riaraichte gu bheil an ìre iomchaidh de dhìon stèidhichte airson nan uisgeachan failcidh is àrainnean fhiadh-bheathaichean a tha ainmichte fo reachdas.

Cha bhi an inbhe aig Loch Geàrrloch, a tha ‘math’, a’ dol am miosad mar thoradh air na molaidhean seo bho Uisge na h-Alba, agus bidh an ìre mheudaichte de ghiullachd rè tràth nan uisgeachan failcidh (Ògmhios gu Sultain) a’ dìon na h-inbhe, a tha ‘sàr-mhath’, a tha aig na h-uisgeachan failcidh aig an tràigh Sands agus aig a’ Ghaineamh Mhòr ann an Geàrrloch. Tha e mearachdach a ràdh gum bi òtrachas gun ghiullachd ann.

Nan robh an ìre mheudaichte de ghiullachd seo air a dhèanamh fad 12 mìosan, dh’adhbharaicheadh sin buaidhean eile, leithid cleachdadh nas àirde de lùths agus stuthan, agus cha bhiodh sin co-chòrdail ris na bun-tomhasan a thathar a’ cur an gnìomh aig àiteachan cosmhail eile air feadh Alba.

Mar phàirt den tagradh airson atharrachadh anns a’ chead, bheachdaich SEPA gu cùramach air grunn agartasan sgrìobhte. Thucasan a sgrìobh agartasan dhuinn, chuir sinn fiosrachadh air a’ mholadh againn gun ceadaich sinn an tagradh, agus tha an cothrom aca ìmpidh dheireannach a chur air Ministearan Albannach.”